[00:05.64]Eilean Uibhist mo rùin [00:08.45]Eilean cùbhraidh nam beann [00:11.73]Eilean Uibhist mo rùn [00:14.70]B'e mo dhùrachd bhith ann [00:17.57]An Eilean Uibhist mo rùn [00:22.04]B'e mo shòlas bhith air m' eòlas [00:25.17]San eilean bhòidheach ud thall [00:27.84]Far am faic mi mo chàirdean [00:30.96]'S gheibhinn fàilte nach gann [00:33.69]An Eilean Uibhist mo rùn [00:38.20]Far am faic mi fìr òga [00:41.13]Ghearradh mòine nan deann [00:44.04]'S a ghearradh snasail an t-eòrna [00:47.27]'S a chuireadh dòrlach sa bhann [00:49.91]An Eilean Uibhist mo rùn [00:54.35]Far am faic mi fìr liatha [00:57.43]Glic-bhriathrach nan cainnt [01:00.37]Mean-bheachdach sean-eòlach [01:03.24]A' toirt seòladh don chloinn [01:05.96]An Eilean Uibhist mo rùn [01:10.44]Far am faic mi mnathan uasal [01:13.34]Aoigheil, uallachal, trang [01:16.05]Tha ro-ainmeil nan stòltachd [01:19.52]'S an gnìomh dòigheil nan làimh [01:23.06]An Eilean Uibhist mo rùn [01:38.56]Tha coibhneas is bàigh [01:41.81]'Gabhail àit' ann an com [01:44.67]Gach neach a chaidh àrach [01:47.86]Fo sgàile nam beann [01:50.38]An Eilean Uibhist mo rùn [01:54.94]Bi aoigheachd is fàilte [01:57.81]Gu bràth feadh nan gleann [02:00.85]Fad 's a bhuaileas air tràigh [02:03.85]Boinne sàile nan tonn [02:06.60]An Eilean Uibhist mo rùn [02:10.88]'S e slàn leis na dh'fhàg mi [02:14.13]Bheir mo dhàn-sa gu ceann [02:16.93]'S le m' phiuthar, 's le m' bhràithrean [02:19.79]'S le m' phàrantan thall [02:22.53]An Eilean Uibhist mo rùn [02:25.92]Eilean cùbhraidh nam beann [02:28.22]Eilean Uibhist mo rùn [02:31.17]B'e mo dhùrachd bhith ann [02:34.21]An Eilean Uibhist mo rùn